Skip to content

Straghlais – Gaelic

  • Chaidh Comunn Camanachd Shrathghlais (Srath Ghlais ann an litreachadh latha an-diugh) a stèidheachadh ann an 1879, agus tha e am measg nam buidhnean iomain as sine ann an Alba. Tha e stèidhichte ann an Canaich, baile beag ann an teis-mheadhan na Gàidhealtachd, ach tha an sgìre air fad a’ gabhail a-steach glinn chliùiteach mar Ghleann Afraig agus Srath Farair, agus sgìre Cill Mòraig faisg air a’ Mhanachainn. Tha dualchas làidir aig a’ chlub co-cheangailte ris a’ chultar Ghàidhealach agus ri Clann Siosalach agus Clann Fhriseil, a bha an seo roimhe. ‘S e Glasach a chanas tu ri tì de mhuinntir na sgìre.
  • Fad linntean, bha camanachd na pàirt dheatamach de bheatha an t-Sraith. Bhiodh daoine ag iomain air na fèilltean geamhraidh mòra, mar an Nollaig, Fèill Steaphain, Latha na Bliadhn’ Ùire agus Là nan Trì Rìghrean. Ann an 1880, chaidh a’ chiad bhun-reachd is riaghailtean a chur an cèill leis a’ Chaiptean Gilleasbuig MacRàth Siosalach, a bha na cheann-feachda air a’ chlub, agus bha seo cudromach ann an cruthachadh structar ùr don iomain air fad air feadh na h-Alba.
  • B’ e tachartas eachdraidheil eile a thachair ann an 1887 agus 1888 nuair a choinnich Srath Ghlais agus Gleann Urchardain ann an geama farpaisich mhòir aig Pàirc a’ Bhucht ann an Inbhir Nis. Thog seo ùidh an t-sluaigh air feadh na dùthcha agus thathar a’ measadh gur e an dà gheama seo a dh’adhbhraich tòiseachadh air riaghailtean àbhaisteach airson camanachd ann an Alba. Aig an àm ud cuideachd, bhiodh an club cuideachd a’ brosnachadh sàr-mhaitheas ann an spòrs, ealain, agus a’ Ghàidhlig.
  • ‘S e clubaichean eile ge-tà a shoirbhich ri linn nan atharraichean mòra a thug Srath Ghlais air an spòrs, agus cha robh cus soirbheachais aig a’ chomann fad iomadh bliadhna, ged a rinneadh gu math ann an Cùpa Shrath Èireann ansn an 1920an.
  • As dèidh an dara cogaidh, chaidh Cupa an Dòmhnallaich a thoirt seachad le Seumas Dòmhnallach a bha a-measg nan daoine mu dheireadh a chluich anns na geamaichean mòra ann an 1887 is 1888. Tha an cupa seo ga chluich fhathast a h-uile bliadhna eadar Srath Ghlais agus Gleann Urchadain.
  • Bha iomain san sgìre gu math ìseal tràth anns an 1960an nuair a thàinig am fear-òsta Murchadh MacCoinnich, fear le buntanas Sgitheanach, ach a bha air a bhith an-sàs le Loch Abair, dhan sgìre airson Taigh-òsta Ghlinn Afraig a ruith. Thug an t-eòlas aig Murchadh buaidh mhòr air a’ chlub, agus ann an com-pàirteachas le daoine eile leithid Iain Gòrdan sa choimhearsnachd thogadh an club a-rithist. Bha Canaich glè thrang le obair choilltireachd agus obair an dealain-uisge aig an àm agus bha sluagh mòr ann.
  • Bhiodh an ginealach a dh’fhàs suas anns na 1970an is 1980an a’ tighinn gu bàrr le buaidh ann an Cupa a’ Bhaile Mhòir ann an 1985 ann an Inbhir Aora. Bha fear à Gleann Urchadan Iain Mac an Tòisich no “Jimmac” air leth cudromach ann a bhith a’ bronsachadh na h-òigridh san sgìre agus a’ cur fàilte air luchd na camanachd fad is farsaing sna Slater’s Arms. Leanadh an sgioba air adhart tro na 1990an a’ fàs nas treasa is nas treasa le aon chluicheadair, Raibeart Geadais, a’ cur uimhir de thadhail a bha cho math ri duine sam bith a chluich an spòrs riamh seach Raghnall Ros is Caomhain Thain à Ceann a’ Ghiùthsaich.
  • ‘S e an linn as soirbheachaile ge-tà aig a’ chlub anns na 2000an nuair a bhuannaich iad Cupa a’ Bhaile Mhòir dà thuras eile ach cuideachd bhuannaich iad an Lìog a Tuath agus an Lìog Nàiseanta ann an sreath a chèile, agus chrìochnaich iad sa cheathramh àite sa Phrìomh Lìog agus theab iad Cuairt Dheireannach Cupa na Camanachd a ruighinn, as dèidh dhaibh call gu An Gearasdan sa Iar-chuairt Dheireannach ann an 2005.
  • An-diugh, tha Srath Ghlais fhathast na phàirt chudromach de bheatha na sgìre, a’ ruith sgiobaidhean airson inbhich agus clann, agus tha e fhathast dealasach a thaobh a bhith a’ gleidheadh cultar agus spiorad a’ gheama Ghàidhealach. Tha sgioba boireannaich soirbheachail aca cuideachd. Ghlèidh iad Cupa Dùbhlain Camanachd nam Ban trì tursan. Tha e cudromach cuideachd ann an sgìre cho iomallach gum bi na daoine òga gam brosnachadh is gan glèidheadh agus mar sin tha buidheann mhòr de choidsichean saor-thoileach a’ brosnachadh òigridh tro phrògraman sònraichte.
  • ‘S e club camanachd le smior làidir agus eachdraidh dhomhainn a th’ ann an Srath Ghlais, agus bidh e a’ toirt cothrom do dhaoine an cuid sgilean a leasachadh, tlachd a ghabhail à spòrs nan Gàidheal, agus ceanglaichean coimhearsnachd a neartachadh. Aig deireadh 2024, bhuannaich a’ chiad sgioba Lìog MhicIlleBhràith airson an treas uair gus tilleadh dhan lìog nàiseanta agus choisinn sgioba nam ban Club Leaschaidh na Bliadhna aig na duaisean iomain.